Thursday 9th January, 2025 at 11:00am
‘B e a’ chiad chall aig an taigh airson na Jags anns a’ lìg nuair a thàinig Dùn Phàrlain gu an Wyre Stadium aig Firhill Disathairne. Abair geama uabhasach airson tòiseachadh an bliadhna ùr, rudeigin nach bi an sgioba ag iarraidh faicinn a-rithist nuair a chaidh na Pars suas an rathad às dèidh buannachadh 4-1. A’ chiad geama a bhuannaich iad air falbh bhon taigh an seusan seo.
Thòisich an geama gu luath agus ‘b e Dùn Phàrlain a bhuail an toiseach le tadhail glè mhath bho Lewis McCann (4’). Mionaidean às dèidh seo fhuair Logan Chalmers am ball anns a’ bhogsa agus le beagan fortan chaidh e fon ghlèidheadair agus a-steach (6’).
Airson Partaig Thistle cha robh cus eile posataibh ri ràdh tron gheama. Le 10 mionaidean ri dhol anns a chiad leth chuir Dùn Phàrlain breab-oisean a-steach san bogsa agus às dèidh beagan sgròbach bha am ball anns an lìon agus air cur sios mar Kanayo Megwa OG (35’).
Bha fhathast tadhail aig na Pars ri fhaighinn san chiad leth agus thainig e bho Chris Kane le breab acrobatic. Chaidh na cluicheadairean a-steach aig leth-uine 3-1 gu Dùn Phàrlain.
Cha do rinn Partaig Thistle cus san dàrna leth, chluich iad beagan nas fheàrr na bha iad sa chiad leth. Anns an 82mh mionaid den geama fhuair Josh Cooper tadhail.
Mar seo chrìochnaich e. Le tòiseach dona den bliadhna ùr, tha tòrr ri dhèanamh aig na Jags airson seo a thionndadh mu chuairt.
Benji Bell